Uisge Lusach Sùg – 700ml
Sineubhar Gàidhlig Tioram
Tha cumadh finealta air Uisge Lusach Sùg, aig a bheil cothromachd eadar blas nan dearcan-sineubhair agus blas na liomaide cuide ri comharran beaga spìosrach.
Tha Uisge Lusach cho mìn is cho fìnealta ‘s gun gabh òl leis fhèin, ged a tha e glè mhath le tonic – tha sinne a’ moladh gun òlar e le sliseag de dh’oraindsear no liomaid, an tonic as fheàrr agus cnapan deighe!
Air a dhèanamh anns an Eilean Sgitheanach, bidh sinn a’ cruthachadh Uisge Lusach le ar làmhan fhèin agus le seann phoit dhubh. ‘S e sin stail a bha air a chleachdadh airson uisge-beatha mì-laghail a dhèanamh anns an aimsir a dh’fhalbh!
Bho 2017, tha sinn air a bhith a’ cur deò dhan t-seann stail chopair le bhith a’ deasachadh an t-sineubhair againn gu slaodach is le cùram.
Tha na blasan bho na luibhean air am fighe tron smùid a tha a’ tighinn às a’phoit, seach a bhith air an goilleadh a-steach mar a bhios iad gu tric ann an sineubharan eile.
£36.00 – £216.00