40mh Fèill-bhliadhna
Cùl-stòr an Stèidheadair
Casg Shingilte, Braich Shingilte
Chomharraich Pràban na Linne 40 bliadhna bhon a chaidh a chur air bhonn le Sir Iain Noble le uisge-beatha air leth sònraichte is tearc. Chaidh baraille de shàr-mhac-na-braiche 40 bliadhna a dh’aois a thaghadh agus a bhotaladh mar chuimhne air an fhear-stèidheachaidh, Sir Iain Noble às Eilean Iarmain.
“Brìgh nan Gàidheal”
-
Dè as adhbhar don aimn?
-
'S e Poit Dhubh a chanar ri seann stail mhì-laghail agus tha an t-ainm a' dèanamh luaidh air dualchas luchd nam poitean dubha agus an cuid sgilean a choisinn cliù dhaibh air feadh na Gàidhealtachd is nan Eileanan. 'S ann às na poitean dubha a thigeadh, a rèir coltais, an t-uisge-beatha as fheàrr air an dèanadh sàr eòlaichean uisge-beatha moladh.
-
Notaichean Blasaidh
-
Boladh: Boladh maoth vanilla, le beagan apracoit agus liomaid.
Blas: Beartach, blàth agus iom-fhillte, air a chothromachadh le measan siotrais is tropaigeach le blasad spìosrach, siogàir.
Deireadh: Air a chothromachadh gu h-àlainn, cruinn, bog agus iom-fhillte. Tha e measach agus tha blasad beartach spìosrach a' fàgail deireadh blàth, fada ann.