FÀILTE GU PRÀBAN NA LINNE

‘S e companaidh bheag shònraichte uisge-beatha a th’ ann am Pràban na Linne a tha stèidhichte anns an Eilean Sgitheanach. Tha an t-uisge-beatha ga dhèanamh cho math ‘s a ghabhas, agus ‘s e glè bheag de chompanaidhean uisge-beatha sa ghnìomhachas a tha coltach ris, a tha an dà chuid neo-eisimeileach agus stèidhichte ann an Innse Gall.