AN SGEUL
‘S e acarsaid shocair, shàmhach a th’ ann an Eilean Iarmain a-nis ach aig aon àm b’ e am port a bu thrainge san Eilean Sgitheanach, agus iomadh bàta-smùid a’ stad a h-uile latha. Bha bùth ainmeil ann cuideachd agus thigeadh daoine à Gleann Eilg, às an Àth Leathann agus na b’ fhaide, don bhùth, a reiceadh a h-uile sìan eadar snàthad agus acair. Thàinig an Rìgh Eideard VII air tìr an seo aig toiseach an 19mh linn. Bha tràigh mhòr ann an latha sin gu mì-fhortanach agus b’ fheudar do chuideigin an rìgh a ghiùlan don laimrig far an do chosg e mu £80 sa bhùth – suim mhòr anns na làithean sin. Bha mòran bhàtaichean sgadain stèidhichte sa bhàgh aig aon àm agus bhite ag ràdh gun robh na bàtaichean cho pailt is cho dlùth ri chèile gum b’ urrainn dhut coiseachd thairis orra eadar an cidhe agus an t-eilean.
Mar sin dheth, chan eil e na iongnadh, an dèidh crìonadh an iasgaich, gun do dh’fhalbh fir òga na sgìre – agus seòladh is sàl na mara ann am fuil nan Gàidheal – is iad ag obair air soithichean anns gach ceàrnaidh den t-saoghal. B’ e criutha Gàidhealach a chaidh às an rathad ri linn aon doineann garbh geamhraidh.
Bha iad air Port Ghlaschu fhàgail ann am ‘Pibroch’, far an robh iad air seann einnsean an t-soithich fhiodha a chàradh gu cabhagach is iad a’ dèanamh air Ameireaga. Bha luchd luachmhor de shineubhar air bòrd – airson pràbanan mì-laghail nan Stàitean ri linn toirmeasg na dibhe làidir – bha iad gu sunndach is iad a’ dèanamh fiughair mhòr ris an turas dhàna a bha romhpa taobh thall a’ chuain. Ach nuair a chaidh ‘Pibroch’ a-mach don chuan mhòr, bhuail neart na stoirme i. Fhad ‘s a chaidh an latha air adhart, chaidh am bàta a bhruthadh na b’ fhaide gu tuath, is i a’ strì às aonais an t-seann einnsein a bha air fàilligeadh a-rithist. Mun àm a dh’fhàg solas an latha iad, ghluais a’ ghaoth don àird an iar agus leis gun robh ‘Pibroch’ a’ strì air aona einnsean, chaidh a sèideadh air ais a dh’ionnsaigh tìr mòr. Lean an stoirm …
‘S ann do Shlèite a bhuin an sgiobair, agus fhad ‘s a bha e a’ sireadh comharra stiùiridh tron deàrrsach is tron ghèile, dh’aithnich e, bho làithean òige, an cladach mu choinneimh. Fhad ‘s a dhlùthaich iad ri taigh-solais Eilean Iarmain, bha e mionnaichte gun ruigeadh iad talamh tròcair gu sàbhailte ach ‘s ann an uair sin a dh’fhàg droch fhortan iad ann an suidheachadh gàbhaidh eile nuair a stad an t-einnsean eile: bha iad an eisimeil na gaoithe is nan tonn. Bhuail ‘Pibroch’ na creagan le brag uabhasach.
Nuair a thràghadh an làn bha an soitheach air fhàgail gu cugallach air na creagan fon taigh-sholais agus a’ taobhadh don làimh dheas, ach gu h-iongantach gun chron sam bith ga dhèanamh oirre. Rinn an criutha claoidhte fliuch an gnothach a thighinn gu tìr air an dòrnaidh. Chaidh an cridheachan a bhlàthachadh nuair a dhlùthaich iad ann an solas ceòthach mochthrath a’ gheamhraidh ri Tigh Òsda Eilean Iarmain, a dh’fhàg doineann na h-oidhche na dhroch bhruadair.
Chuir blàths an Tigh Òsda fàilte orra nuair a chaidh iad a-steach tron doras fhosgailte. “Gu sealladh an t-àgh orm!” thuirt Morag, nuair a laigh a sùil air an sgioba ròpach. ‘S ann an uair sin le aoibhneas agus le iongantas a dh’fhaithnich i an sgiobair, co-ogha a h-athar! “Thig a-steach!” dh’èigh i. Fhad ‘s a dh’èirich muinntir Shlèite le solas an latha bha fathannan a’ siubhal mar a’ ghaoth tro Eilean Iarmain – “…chaidh soitheach às an rathad air an eilean, agus tha i làn sineubhair!”
Bha an criutha taingeil gun robh iad air an sàbhaladh agus am beachd gum biodh e iomchaidh botal no dhà fhosgladh, agus muinntir Eilean Iarmain (aig an robh meas mòr air ‘dealt nam beann’ agus eile) toilichte an cuideachadh is iad a’ dearbhadh airson an càirdean Gàidhealach taobh thall a’ chuain gun robh an sineubhar blasta gu leòr dhaibh. Mhair a’ chèilidh fad na h-oidhche agus bha an càirdeas eadar Eilean Iarmain agus an t-uisge lusach ga chur air chois… “Ceilidh gu madainn!”
Tha sgeulachd an taigh-sholais ga h-innse fhathast anns an latha an-diugh… sineubhar gu leòr.